Tha CMAL na Ùghdarras Caladh aig 24 làraich agus tha seilbh aca air a’ bhun-structair is na toglaichean a tha co-cheangailte ris na làraich sin.  Cuideachd, tha seilbh aig CMAL air grunn thoglaichean ann an diofar àiteachan, no tha iad aca air màl, co-cheangailte ris an t-solar de Sheirbheisean Aiseig air Chluaidh is an Innse Gall

Is e ar prìomhachas ro-innleachdail na calaichean a chumail suas agus a leasachadh, gus calaichean nodha is obrachadh aiseig a chur air adhart agus a shoirbheachadh air Chluaidh agus timcheall Innse Gall.

Mar Ùghdarras Reachdail nan Cala, tha grunn dhleastanasan agus dhlighean aig CMAL, a’ gabhail a-steach:

  • Dleastanas cùraim airson gach neach-cleachdaidh puirt
  • Uallach gus gach cala a dhìon agus cleachdadh sàbhailte a bhrosnachadh
  • Dleastanas airson èifeachdas, eaconamachd agus sàbhailteachd san obrachadh, a thaobh nan seirbheisean agus goireasan a th’ air an toirt seachad
  • Dlighe gus gnìomh sam bith a ghabhail os làimh a thaobh cumail suas, obrachadh agus leasachadh nan cala.

Puirt nach buin do CMAL

Tha na puirt a leanas air an cleachdadh le aiseagan a bhuineas do CMAL ach chan e CMAL an t-ùghdarras cala air an son. Cuir fios chun ùghdarras cala fhèin le ceistean sam bith mu na h-àiteachan sin.

Comhairle Earra-Ghàidheal agus Bhòid
Achadh na Croise
Creag an Iubhair
Dùn Obhainn
Giogha
Port Asgaig
Baile Bhòid
Taigh an Lòin

Comhairle na Gàidhealtachd
Eige
Eilean nam Muc
Ratharsair
Rùm
Sgusair
Ùige

Ùghdarras Port Mhalaig
Malaig

Urras Nàiseanta na h-Alba
Canaigh

Ùghdarras Port Steòrnabhaigh
Steòrnabhaigh

Ùghdarras Port an Tairbeart
Tairbeart Loch Fìne

Urrasairean Cala Ulapul
Ulapul

Comhairle nan Eilean Siar
An Àird Mhòr
Èirisgeigh
Beàrnaraigh
An t-Òb
Loch nam Madadh