ACHD NAN CALAIDHEAN 1964 (MAR A THA ATHARRAICHTE)

ÒRDUGH ATH-SGRÙDAIDH CALADH (PORT ILEIN) STÒRAS MARA CAILLEANNACH 202[ ]

THA FIOS GA FHOILLSEACHADH TRO SEO gu bheil companaidh àireamh chlàraichte SC001854 Stòras Mara Cailleannach Earranta (“an Tagraiche”) ann an Togalaichean na Comhairle, Sràid Fore, Port Ghlaschu PA14 5EQ, air tagradh a chur gu Ministearan na h-Alba airson Òrdugh Ath-sgrùdaidh Caladh fo earrann 14 de dh’Achd nan Calaidhean 1964 (“Achd 1964”).

Bheir an t-Òrdugh ùghdarras don Tagraiche obair a thòiseachadh agus a chumail suas aig a’ chaladh ann am Port Ilein, Eilean Ìle, mar thaic don ath-sgrùdadh air Port Aiseig Phort Ilein.

Tha Ministearan na h-Alba air co-dhùnadh ann an co-rèir ri paragraf 4 de Chlàr 3 de dh’Achd 1964, gu bheil an tagradh co-cheangailte ri pròiseact a tha taobh a-staigh Leas-phàipear II de Riaghailt na Comhairle 2011/92/EU, mu dheidhinn measadh air buaidhean phròiseactan sònraichte poblach is prìobhaideach air an àrainneachd. Tha Ministearan na h-Alba air co-dhùnadh gur e pròiseact buntainneach a th’ ann a rèir Clàr 3 de dh’Achd 1964. Dha rèir sin, tha Measadh Buaidh Àrainneachdail riatanach agus tha an Tagraiche air Aithris Àrainneachdail a sholarachadh do Mhinistearan na h-Alba.

Faodar lethbhreac den dreachd Òrdugh agus planaichean, earrannan is ìomhaighean taisgte nan obraichean molta, a bha còmhla ris an tagradh, an sgrùdadh an-asgaidh aig Port Aiseig Phort Ilein, Eilean Ìle PA42 7DW, aig na h-amannan a leanas gus an ruith an ùine de cheathrad latha ’s a dhà a-mach, bhon latha air a shònrachadh aig bonn a’ bhratha seo: Diluain, Diciadain, Diardaoin agus Dihaoine: 6m – 5f, Dimàirt: 8m – 5f, Disathairne: 6m – 12f agus Didòmhnaich: 8m – 1f. Gheibhear cothrom air an dreachd Òrdugh agus na planaichean fhaicinn cuideachd tro https://www.cmassets.co.uk/port-ellen-legislation .

Bu chòir do neach sam bith air a bheil fiosrachadh mu na h-obraichean molta a dhìth, tagradh sgrìobhte a chur gu Ashfords LLP,Taigh Ashford, Rathad Grenadier, Exeter, EX1 3LH leis an iomradh ‘Òrdugh Ath-sgrùdaidh Caladh (Port Ilein) Stòras Mara Cailleannach 202[ ]’.

Bu chòir do neach sam bith a tha airson gearan no riochdachadh a dhèanamh gu Ministearan na h-Alba a thaobh an tagraidh, sgrìobhadh gu Karl Zaczek, Co-òrdanaiche Poileasaidh Phuirt, Meur Chalaidhean is Phuirt, Còmhdhail Alba, Roinn nan Aiseagan, Cidhe Bhioctòiria, Dùn Èideann EH6 6QQ, no air post-d gu harbourorders@transport.gov.scot taobh a-staigh ceathrad latha ’s a dhà bhon cheann-latha air a shònrachadh aig bonn a’ bhratha seo, leis an iomradh ‘Òrdugh Ath-sgrùdaidh Caladh (Port Ilein) Stòras Mara Cailleannach 202[ ]’,
ag aithris an adhbhair airson a’ ghearain no an riochdachaidh agus seòladh gu am faod litrichean co-cheangailte ris a’ ghearan no an riochdachadh, an cur. 

Bidh gearanan no riochdachaidhean uile, a’ gabhail a-steach fiosrachadh air a sholarachadh do Mhinistearan na h-Alba, air an roinn leis an Tagraiche a dh’fhaodadh conaltradh ribh a dheasbad air ur draghan. Faodaidh ainmean no teacsa riochdachaidhean a bhith air am foillseachadh air làrach-lìn Còmhdhail Alba mar thoradh air riatanasan Achd Saorsa an Fhiosrachaidh. Ma tha sibh airson cùisean a dheasbad co-cheangailte ri cleachdadh air dàta pearsanta, cuiribh fios gu an neach air a shònrachadh ann am paragraf 6 den bhrath seo.

Ma tha geàran dèante gu dligheach don tagradh agus gun e air a tharraing às, faodaidh Ministearan na h-Alba mus tig iad gu
co-dhùnadh (i) rannsachadh a chumail no (ii) cothrom a thoirt don neach-gearain a thighinn an làthair agus a bhith air a chluinntinn le neach air fhastadh leotha.

Ashfords LLP

Luchd-lagha do Stòras Mara Cailleannach Earranta

28 Màrt 2025


View the relevant documentation ›


Further information is available at: cmassets.co.uk/port-ellen-legislation


Categories: Cidheachan is Calaidhean, Pròiseactan, Reachdas Cala: Port Ilein
Tags: