CMAL a’ foillseachadh farpais ealain sgoiltean agus a’ cur fàilte a dh’Alba air aiseagan ùra Ìle
Tha clann sgoile ann an Ìle agus Diùra air cuireadh fhaotainn gu com-pàirt a ghabhail ann am farpais gus am pìosan ealain a thaisbeanadh air bòrd MV An t-Eilean Ìleach agus MV Loch an Dàil.
Ro-làimh air an dà aiseag ùr a thighinn a dh’Ìle, tha Stòras Mara Cailleannach Earranta (CMAL) a’ coimhead airson ochd pìosan de dh’obair-ealain mun eilean bho na còig bun-sgoiltean agus an àrd-sgoil ionadail, a’ gabhail a-steach: Bun-sgoil nan Eilean Bheaga, Bun-sgoil na Cille, Bun-sgòil Phort Sgioba, Bun-sgoil Phort Ilein, Bun-sgoil Bhogha Mòr agus Àrd-Sgoil Ìle.
Tha an fharpais fosgailte do sgoilearan ann an ceithir bhuidhnean aoise: prìomh 1-3, prìomh 4-7, ÀS 1-3, agus ÀS 4-6. Aon uair ’s gu bheil na buannaichean air an taghadh, gheibh iad cuireadh a dhol air bòrd gach aon de na soithichean aig àm nan cuirmean tòiseachaidh a dh’fhaicinn an obair-ealain air a thaisbeanadh.
Gheibh na h-ochd buannaichean duais co-cheangailte ri ealain, a bhios air a bhuileachadh aig a’ chuirm tòiseachaidh, agus bidh cothrom aig aon bhuannaiche thar chàich air carthannas ionadail a thaghadh airson tabhartas £1,500 fhaotainn bho CMAL tron sgoil.
Thuirt Chris Kane, cuidiche gnìomha aig CMAL:
“Tha com-pàirt dhaoine òga anns an t-seòrsa seo de dh’fharpais, chan ann a-mhàin ag àrach an tàlantan cruthachail, ach cuideachd gan cur an aithne don àite chudromach a tha aig a’ ghnìomhachas mara ann an Alba.”
“Is e gnìomhachas a th’ ann a tha a’ tabhann chothroman mìorbhaileach do dhaoine òga a rannsachadh. Tha an fharpais seo a’ cuideachadh le sin a thaisbeanadh, agus aig an aon àm a’ ceadachadh don choimhearsnachd a bhith na pàirt den fhàilte air na h-aiseagan ùra don choimhearsnachd ann an Ìle.”
Bidh an fharpais a’ gabhail ri tagraidhean gu deireadh na Samhna, agus thèid na buannaichean ainmeachadh san Dùbhlachd.
Categories: Aiseagan, Meadhanan, Naidheachdan, Nochdte, Pròiseactan, Soithichean Ùra do dh’Ìle
Tags: