Saorsa Fiosrachaidh
Mar chompanaidh fo shealbh Mhinistearan na h-Alba, ’s e ùghdarras poballach a tha ann an CMAL fo Achd Saorsa an Fhiosrachaidh (Alba) 2002. Bho 1 Faoilleach 2005 tha fiosrachadh sam bith a tha air a chumail le CMAL fosgailte dhan phoball air iarraidh sgrìobhte, a bhàrrachd air rud no dhà air leth. Tha an seòrsa fiosrachaidh a tha CMAL a’ cur am follais tric air an sealltain ann an Sgeama Foillseachaidh CMAL. Gheibhear an sgeama a luchdachadh-a-nuas an seo (PDF, 0.04MB). Tha an sgeama ag ràdh gum faigh a’ phoball fiosrachadh a thaobh:
- Seirbheisean
- Cosgais nan seirbheisean
- An ìre a choisinn nan seirbheisean
- Fiosrachadh a thug buaidh air cò-dhùnaidhean
- Cudthromachd don phoball
- Foillseachadh de dh’adhbharan airson na cò-dhùnaidhean a chaidh a dhèanamh
Thèid ath-sgrùdadh a dhèanamh air an sgeama foillseachaidh bho àm gu àm mar dhearbhadh air amas CMAL a bhith soillear agus fosgailte. Cuiridh sinn fàilte air beachdan sam bith a tha agaibh airson ar cuideachadh le seo.
Mar a nì sibh iarrtas
Feumar iarratasan airson fiosrachadh nach eil anns an sgeama a bhith ann an sgrìobhadh, ag innse dìreach dè am fiosrachadh a thathar a’ sireadh agus a’ toirt seachad seòladh. Tha post-d no facs cuideachd ceadaichte.
Post-d: | FOI@cmassets.co.uk |
Facs: | 01475 745109 |
Post: | Oifigear Saorsa Fiosrachaidh Corporra CMAL Togalaichean Munaiseapail Sràid Fore Port Ghlaschu PA14 5EQ |
Cuir “AIRSON OIFIGEAR SAORSA FIOSRACHAIDH CORPORRA” air iarrtas sam bith airson fiosrachaidh.
Thèid dèiligeadh ri iarrtas sam bith cho luath sa ghabhhas agus taobh-staigh clàir-ama Achd Saorsa an Fhiosrachaidh (Alba) 2002. Ma tha cìs ri phàigheadh, thèid fios a chur thugaibh ro-làimh, seach gu feumar a’ chìs sin a phàigheadh mus tèid a’ cheist a fhreagairt.
Mion-chunntas Tuarasdail
Foillseachadh Ainmean/Tuarastal Bhall san Àrd-Sgioba Stiùiridh
Tha Ministearan na h-Alba air iarraidh air gach NDPB Albannach agus Corporaid Phoblach ainmean (le aonta agus mar as iomchaidh), dreuchd agus tuarastal àrd-luchd-obrach fhoillseachadh.
Ann an co-rèir ris an riatanas seo agus mar a tha an suidheachadh aig 31 Dùbhlachd 2019, tha am fiosrachadh a leanas iomchaidh:
Name | Position Held | Salary Range |
Name withheld | Chief Executive Officer | £100,000 – £109,999 |
Name withheld | Director of Finance | £90,000 – £99,999 |
Name withheld | Director of Vessels | £90,000 – £99,999 |
Name withheld | Director of Port Infrastructure & Planning | £85,000 – £89,999 |