Tha sealbh aig Stòras Mara Chaledònia Earrantaair na h-aiseagan, calachan agus am bunstructair a tha dhìth airson seirbheisean aiseig dheatamach a thoirt do thaobh Siar na h-Alba agus Linne Chluaidh.

Tha sealbh aig Riaghaltas na h-Alba a-mhàin oirnn le Ministearan na h-Alba a-mhàin nan luchd-earrann. Tha sgioba stiùiridh gnìomhaiche agus luchd-taic bòrd CMAL stèidhichte sa phrìomh oifis ann am Port Ghlaschu.

’S e ar n-amas aiseagan, calachan agus bunstructair a tha èifeachdach, luachmhor agus sàbhailte a thabhann do ghnòmhaichean, choimhearsnachdan agus luchd-siubhail air feadh Alba.

Eachdraidh

Roimhe seo ’s iad Caledonian Mac a’ Bhriuthainn a bha a tabhann a’ chuid bu mhotha de dh’aiseagan anns na h-eileanan agus Linne Chluaidh. Is ann leotha a bha na h-aiseagan agus cuid de na goireasan-cala. ’S ann le Ministearan na h-Alba a bha a’ chompanaidh air fad agus bha feum aig na seirbheisean air taic airgid gach bliadhna bho Riaghaltas na h-Alba airson na seirbheisean a chumail a’ dol.

Airson cumail ri stiùireadh Eòrpach air Taic Nàiseanta ann an Còmhdail Mara, thainig e am follais gun robh feum air tairigse fhosgailte phoballach a thaobh nan seirbheisean aiseig sin. Chuir an Riaghaltas aig an àm Seirbheis Aiseig Chluaidh agus Innse Gall (CHFS) a-mach gu tairigse còmhla, ach a’ fàgail a-mach an t-seirbheis eadar Guireag agus Dùn Obhainn.

Air 1 Dàmhair 2006, chaidh Caledonian Mac a’ Bhruthainn a’ roinn na dhà chompanaidh airson an gnothach a dhèanamh cothromach airson an luchd-tairgse air fad:

  • Companaidh-sealbhachaidh CMAL
  • Companaidh-ruith ùr Aiseagan CalMac Earr (CFL)

Chaidh seo a dhèanamh le Caledonian Mac a’ Bhruthainn Earr. a’ gluasad a chuid gnìomhachd – chan e a chuid stòrais – gu CFL.

’S ann aig Caledonian Mac a’ Bhruthainn Earr, a-nis fon t-ainm CMAL, a tha sealbh air na h-aiseagan agus stòras air tìr (puirt, calachan msaa.) agus tha iad gan toirt do ghnìomhaichean tro dhòigh thairgsean fosgailte.

Airson sia bliadhna, a thòisich air 1 Dàmhair 2007, tha Aiseagan CalMac Earr. a’ toirt seachad nan seirbheisean an dèidh dhaibh an tairgse a chosnadh. A rèir riaghailtean an tagraidh, feumaidh CFL na h-aiseagan aig CMAL a chleachdadh.

Bho 1 Dàmhair 2007, tha Aiseagan CalMac Earranta air na seirbheisean a ruith, às dèidh buannachadh sa chiad phròiseas solarachaidh. Chaidh a’ chiad chùmhnant sia bliadhna a leudachadh ann an 2013 agus tha am pròiseas solarachaidh a-nis air tòiseachadh airson an ath chùmhnant CHFC, agus tha sinn an dùil gun tèid an cùmhnant a thoirt seachad as t-earrach 2016. Fo riaghailtean a’ chùmhnant, feumail Aiseagan CalMac na h-aiseagan aig CMAL a chleachdadh