Aiseag Chearrara – A’ Ghallanach ag ath-thòiseachadh air seirbheis bathair
Ràinigeadh prìomh chlach-mhìle Diluain 29 Gearran nuair a dh’ath-thòisich aiseag Chearrara air bathar a ghiùlain. Tha ar cunnradair, George Leslie Eta, air obair a ghabhail os làimh gu an dà laimirig a leudachadh, a’ toirt air falbh am bacadh làin bhon t-seirbheis aiseig seo. Tha obair a-nis fo sheòl air an tonn-chasg aig Cearrara, a nì leasachadh air earbsachd na seirbheis aiseig.
Thuirt am manaidsear pròiseict againn, Ruairidh Caimbeul,
“Tha sinn air leth toilichte an t-seirbheis bathair chun an eilein ath-thòiseachadh agus thathar a’ coimhead air adhart ri bhith a’ faicinn an tonn-chasg ùr a’ tighinn gu bith.”
Categories: Meadhanan
Tags: